Rugadh a’ Bhànrigh ann an Lunnainn air 21 Giblean 1926, a’ chiad nighean aig Diùc agus Ban-diùc York, air am biodh an Rìgh Deòrsa VI agus a’ Bhànrigh Ealasaid an dèidh sin. Chaidh a baisteadh Ealasaid Alexandra Màiri. Chaidh a’ Bhana-phrionnsa Ealasaid oideachadh aig an taigh còmhla ri a piuthar, a’ Bhana-phrionnsa Mairead. Nuair a ghabh a h-athair an rìgh-chathair ann an 1936, agus leis an dùil gun gabhadh ise àite uaireigin, fhuair i sgoil ann an eachdraidh a’ bhun-reachd agus lagh. Fhuair i sgoil cuideachd ann an ealain agus ceòl; dh’ionnsaich i marcachd agus bu toil leatha dràma agus snàmh.
Mar a dh’fhàs a’ Bhana-phrionnsa na bu shine thòisich i air a h-obair am measg an t sluaigh. Chaidh a guth a chraoladh airson a’ chiad uair anns an Dàmhair 1940, aig aois 14, nuair a chuir i a-mach teachdaireachd gu clann Bhreatainn agus a’ Cho fhlaitheis.
Anns a’ Ghiblean 1943, chaidh a’ Bhana-phrionnsa Ealasaid air thuras gu poblach leatha fhèin airson a’ chiad uair, nuair a chuir i seachad latha còmhla ri Battalion nan tancaichean aig na Grenadier Guards.
On àm sin a-mach fhuair i barrachd agus barrachd dleastanasan oifigeil, gu h àraid a’ gabhail gnothaich ris an òigridh. On Mhàrt 1944, thòisich i a’ siubhal còmhla ris an Rìgh agus a’ Bhànrigh air na tursan aca taobh a-staigh Bhreatainn. Anns an t Sultain 1944, chaidh a’ Bhana-phrionnsa air a’ chiad turas oifigeil aice a dh’Alba còmhla ri a pàrantan. Tràth ann an 1945 chaidh a’ Bhana-phrionnsa dhan Auxiliary Territorial Service (ATS) mar Subaltern. Ro dheireadh a’ chogaidh bha i air inbhe Òg-cheannard (Junior Commander) a ruighinn, an dèidh dhi crìoch a chur air cùrsa aig Ionad Trèanaidh Innealach Àireamh 1 aig an ATS far an tàinig i a-mach air a h-uidheamachadh mar dhràibhear.
An dèidh a’ chogaidh bha a’ Bhana-phrionnsa Ealasaid a’ nochdadh na bu trice air beulaibh a’ mhòr-shluaigh. Bhiodh i a’ siubhal fad is farsaing tron Rìoghachd gu tachartasan foirmeil poblach.
Chaidh i a-null thairis air turas oifigeil airson a’ chiad uair ann an 1947, nuair a chaidh i a dh’Afraga a Deas còmhla ri a pàrantan agus a piuthar. Ràinig i bliadhn’ air fhichead a dh’aois air a’ chuairt seo agus rinn i òraid air an rèidio ga cur fhèin a-null gu seirbheis a’ Cho-fhlaitheis.
Goirid an dèidh don Teaghlach Rìoghail tilleadh à Afraga a Deas, fhuair a’ Bhana phrionnsa gealladh-pòsaidh o Lieutenant Philip Mountbatten. Phòs iad ann an Abaid Westminster air 20 Samhain 1947.
B’ e mac Prionnsa Anndra na Grèig, agus iar-iar-ogha na Bànrighe Victoria a bh’ ann an Lieutenant Mountbatten, a-nis ‘a Mhòrachd Rìoghail am Prionnsa Philip, Diùc Dhùn Èideann’.
Ann an 1952, seach gun robh tinneas air, b’ fheudar don Rìgh Deòrsa VI a chuairt a dh’Astràilia agus New Zealand a chur dheth. Dh’fhalbh a’ Bhana-phrionnsa na àite. Air 6 Gearran, fhad ‘s a bha i ann an Kenya, chaochail an Rìgh Deòrsa VI agus bha a’ Bhana-phrionnsa Ealasaid a-nis na Bànrigh.
Chaidh a’ Bhànrigh a chrùnadh ann an Abaid Westminster air 2 Ògmhios 1953. Chaidh an Crùnadh aice a chraoladh air feadh an t-saoghail, air rèidio agus telebhisean.
On a thòisich rìoghachadh na Bànrighe, chaidh i an sàs anns an obair ùir aice gu h èasgaidh agus gu dealasach.
Thòisich na dleastanasan poileataigeach agus deas-ghnàthach gun dàil, o Fhosgladh Stàite na Pàrlamaid gu coinneamhan, a h-uile seachdain, còmhla ris a’ phrìomh mhinistear. B’ e Winston Churchill a’ chiad phrìomh-mhinistear a bh’ aig a’ Bhànrigh aig toiseach a rìoghachadh. On fhìor thoiseach, ghabh a’ Bhànrigh mun dleastanas aice, mar Bhànrigh na Rìoghachd Aonaichte air fad, gu dùrachdach. Thòisich i air prògram farsaing de chuairtean air feadh na dùthcha, o Shealtainn gu ruige nan Eileanan Scilly agus o Swansea gu Holy Island.
Thòisich a’ Bhànrigh a’ siubhail a-null thairis cuideachd. Anns an dà bhliadhna an dèidh a Crùnaidh, thadhail a’ Bhànrigh ann an ceàrnaidhean den Cho-fhlaitheas air nach do thadhal duine de na rìghrean is na bànrighrean a thàinig roimhpe. Bhiodh a’ Bhànrigh cuideachd a’ riochdachadh Bhreatainn air Tadhalaichean Stàite a dhùthchannan leithid na Ruis, Sìona, Iapan, Corìa, agus nan Stàitean Aonaichte.
Ann an 1977 chùm an sluagh air feadh Bhreatainn agus a’ Cho-fhlaitheis fèilltean airson Loghan (Jubilee) na Bànrighe, a’ comharrachadh nan còig bliadhna fichead on Chrùnadh. Shiubhail a’ Bhànrigh agus Diùc Dhùn Èideann 90,000 cilemeatair gus compàirt a ghabhail sa cheann-bhliadhna còmhla ri a poball. Chuireadh sluagh mòr fàilte orra ge bith càite an deigheadh iad. Ann an 2002 chaidh Loghan ‘Òrach’ na Bànrighe a chumail, a’ comharrachadh leth cheud bliadhna air an rìgh-chathair. Chaidh an ceann-bliadhna seo a ghlèidheadh air feadh an t-samhraidh anns an Rìoghachd Aonaichte, le tadhalaichean dhan a h-uile ceàrnaidh.
Bha Deireadh-seachdain an Loghain an teis-meadhan a’ ghreadhnachais, le dà chuirm-chiùil an asgaidh do 24,000 neach ann an gàrraidhean Lùchairt Bhuckingham, seirbheis taingealachd ann an Cathair-eaglais an Naoimh Phòil, agus nochdadh poblach air for-uinneag Lùchairt Bhuckingham air beulaibh sluagh anns an robh millean neach.
Tro iomadach dleastanas oifigeil, tha an teaghlach an còmhnaidh air a bhith cudthromach. Tha ceathrar chloinne agus seachdnar oghaichean aig a’ Bhànrigh agus Diùc Dhùn Èideann.
Rugadh am Prionnsa Teàrlach, Prionnsa na Cuimrigh a-nis, oighre a’ chrùin, ann an 1948 agus rugadh a’ Bhana-phrionnsa Anna, a’ Bhana Phrionnsa Rìoghail, dà bhliadhna an dèidh sin. An dèidh a’ Chrùnaidh, fhuair iad an treas duine cloinne, am Prionnsa Anndra, ann an 1960 agus rugadh am Prionnsa Eideard ann an 1964. ‘S iad na h-oghaichean aca Peadar agus Zara Philips (a rugadh ann an 1977 agus 1981); Prionnsa Uilleam na Cuimrigh agus Prionnsa Eanraig na Cuimrigh (r. 1982 agus 1984); a’ Bhana-phrionnsa Beatrice de York agus a’ Bhana phrionnsa Eugenie de York (r. 1988 agus 1990); agus a’ Bhean Uasal Louise Windsor, nighean Iarla agus Ban-iarla Wessex (r. 2003).
|