A’ Bhànrigh © David Secombe
|
Tha iomadach dleastanas cudthromach aig a’ Bhànrigh. Mar Cheann Stàite, tha dleastanasan reachdail aig a’ Bhànrigh. Bidh a’ Bhànrigh a’ fosgladh Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte a h-uile bliadhna agus bidh i a’ dèanamh òraidean aig Pàrlamaid na h-Alba agus Seanadh na Cuimrigh.
Bidh a’ Bhànrigh a’ leughadh a h-uile pàipear Caibineit, a’ cur a h-aonta ri Òrdughan ann an Comhairle, a’ cur a h-ainm ri Achdan Pàrlamaid, agus bidh am Prìomh Mhinistear agus Ministearan Riaghaltas a’ tighinn a bhruidhinn rithe a h-uile seachdain.
Tha buaidh na Bànrighe gu ìre mhòr neo-fhoirmeil. Tha dleastanas aice a beachdan air gnothaichean an Riaghaltais a chur an cèill ris a’ Phrìomh Mhinistear, ach tha na coinneamhan seo dìomhair. An dèidh dhi a beachdan a chur an cèill tha a’ Bhànrigh a cumail ri comhairle nam ministearan aice.
Tha a’ Bhànrigh a’ riochdachadh na Rìoghachd Aonaichte air feadh an t-saoghail. Bidh i a’ cur fàilte air Cinn Stàite agus air Tosgairean à dùthchannan eile don Rìoghachd Aonaichte. Bidh i cuideachd a’ siubhal a-null thairis; còmhla ri Diùc Dhùn Èideann tha i air a bhith air còrr is 60 tadhal Stàite. Mar Cheann a’ Cho-fhlaitheis tha a’ Bhànrigh na ceangal eadar na dùthchannan air feadh an t saoghail a tha nam buill. Bidh a’ Bhànrigh a’ falbh air tadhalaichean Co fhlaitheis; bidh i tric a’ bruidhinn ri Àrd-rùnaire a’ Cho-fhlaitheis agus Cinn Riaghaltais; bidh i a’ frithealadh Latha a’ Cho-fhlaitheis ann an Lunnainn; bidh i a’ craoladh a h-uile bliadhna aig an Nollaig is air Latha a’ Cho-fhlaitheis agus bidh i tric an làthair aig Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis.
Tha dleastanas cudthromach deas-ghnàthach aig a’ Bhànrigh. Bidh i an làthair airson iomadach gnothach poblach leithid seirbheisean Òrdugh a’ Ghartain agus a’ Chluarain; caismeachd co-latha-breith na Bànrighe (Trooping the Colour); seirbheis Latha Cuimhneachaidh nan Cogaidhean; agus seirbheisean nàiseanta aig Cathair-eaglais an Naoimh Phòil agus aig Abaid Westminster.
Bidh a’ Bhànrigh a’ toirt seachad duaisean do dhaoine, am measg a’ mhòr shluaigh, a tha a’ soirbheachadh agus a’ dèanamh sàr obair. Tha Onairean airson seirbheis airidh gan toirt seachad dà uair sa bhliadhna. Bidh daoine às a h-uile àite, a tha air seirbheis phoblach shònraichte a thoirt seachad no a tha air soirbheachadh anns an obair aca, a’ faighinn nan Onairean seo – o luchd-obrach carthannais gu luchd-spòrs.
Mar as trice bidh na h-Onairean gan toirt seachad aig Lùchairt Bhuckingham ach tha seo cuideachd a’ tachairt turas sa bhliadhna ann an Lùchairt Taigh an Ròid ann an Dùn Èideann. A thuilleadh air a seo bidh a’ Bhànrigh a’ cumail chuirmean, phàrtaidhean agus dhìnnearan do dhaoine a tha air diofar a dhèanamh aig ìre ionadail, nàiseanta no eadar-nàiseanta. Tha a’ Bhànrigh cuideachd an sàs ann an taic a thoirt do sheirbheis phoblach, gu h-àraid tro na Feachdan Armaichte agus na roinnean poblach agus saor-thoileach. Tha a’ Bhànrigh na Ceann air na Feachdan Armaichte agus bidh i a’ cumail sùil air an obair aca tro bhith a’ tadhal, o àm gu àm, air na campaichean aca. Tha ceanglaichean dlùth aig a’ Bhànrigh agus aig buill eile den Teaghlach Rìoghail ri còrr is 3,200 buidheann charthannais.
A bharrachd air a cuid dleastanasan foirmeil, tha a’ Bhànrigh cudthromach a thaobh aonadh agus dearbh-aithne nàiseanta.
A h-uile bliadhna bidh a’ Bhànrigh agus buill eile dhen Teaghlach Rìoghail a’ siubhal gu còrr is 3,000 àite anns an Rìoghachd Aonaichte, a’ faicinn leasachaidhean ùra agus na thathas a’ coilionadh ann an gnìomhachas, àiteachas, foghlam, na h-ealainean, leigheas agus spòrs agus iomadach raon eile.
Le bhith an ceann nan dleastanasan seo uile, fad còrr is 50 bliadhna, tha a’ Bhànrigh air leantainneachd agus seasmhachd a thoirt dhuinn ann an linn a th’ air a comharrachadh le leasachadh agus atharrachaidhean luatha.
|