Pàrlamaid na h-Alba © 2004 Scottish Parliamentary Corporate Body
|
Tha a’ Bhànrigh na Bànrigh thairis air an Rìoghachd Aonaichte air fad, agus tha i a’ riochdachadh nan sgìrean, coimhearsnachdan agus nan daoine air fad.
Chan eil fèin-riaghladh air buaidh a thoirt air seasamh na Bànrighe ann an Alba. Sheall referendum air 11 Sultain 1997 gun robh a’ chuid-mhòr ag iarraidh Pàrlamaid ann an Alba.
Thòisich a’ chiad seisean air 12 Cèitean 1999 agus chaidh a’ Phàrlamaid fhosgladh gu h-oifigeil, leis a’ Bhànrigh, air 1 Iuchar 1999 air Mound Dhùn Èideann, far an robh a’ Phàrlamaid mus do ghluais i.
Chaidh togalach ùr Pàrlamaid na h-Alba fhosgladh gu foirmeil leis a’ Bhànrigh air 9 Dàmhair 2004. Tha an togalach mu choinneamh Lùchairt Taigh an Ròid agus Gaileiridh na Bànrighe ann an Dùn Èideann.
Le 129 buill (a’ gabhail a-steach an Oifigeir-riaghlaidh) a tha air an taghadh a h-uile ceithir bliadhna, tha Pàrlamaid na h-Alba air chomas prìomh reachdas a thoirt a steach.
Tha a’ Phàrlamaid a’ gabhail gnothaich ris na cùisean a leanas: foghlam, slàinte, lagh, an àrainneachd, leasachadh eaconomach, riaghaltas ionadail, taigheadas agus am poileas.
Fon an aon reachdas a chuir Pàrlamaid na h-Alba air bhonn, bidh Buill Pàrlamaid na h-Alba a’ gabhail bòid dhìlseachd don Chrùn. Bidh a’ Bhànrigh cuideachd a’ faighinn aithisge gach seachdain o Phàrlamaid na h-Alba air cùisean na seachdaine, seach gu bheil cumhachdan reachdail aca.
‘S i a’ Bhànrigh a bhios a’ cur Prìomh Mhinistear na h-Alba na dhreuchd agus bidh i a’ coinneachadh ris tric gus am bi fios aice mu chùisean ann an Alba.
Bidh a’ Bhànrigh a’ tadhal ann an Alba gu math tric, a’ coinneachadh dhaoine às gach àite ‘s gach dreuchd agus gus compàirt a ghabhail ann an tachartasan mòra na dùthcha. Bidh i an còmhnaidh an sàs ann an ‘Seachdain Taigh an Ròid’, a bhios ann, mar as trice, aig toiseach an Iuchair a h-uile bliadhna.
Air an t-seachdain a tha seo bidh a’ Bhànrigh agus buill den Teaghlach Rìoghail a’ fuireach aig Lùchairt Taigh an Ròid ann an Dùn Èideann, far am bi a’ Bhànrigh, mar as trice, a’ cumail Buileachadh Onairean agus pàrtaidh anns a’ ghàrradh. Bidh i a’ coinneachadh ri daoine ann an àiteachan eile ann an Alba cuideachd.
Bidh buill eile den Teaghlach Rìoghail tric a’ tadhal ann an Alba cuideachd, a chur taic ri buidhnean ionadail agus buidhnean carthannais, a bhith an làthair aig deas ghnàthan agus cuirmean, agus a choinneachadh ri daoine air feadh na dùthcha.
Bha a’ Bhànrigh a’ tadhal anns na h-Eileanan Siar o chionn ghoirid ann an 2002. Mar phàirt de Loghan na Bànrighe chaidh a Mòrachd Rìoghail dhan Eilean Sgitheanach agus Eilean Leòdhais.
Anns an Eilean Sgitheanach, thachair a’ Bhànrigh ri muinntir an Eilein ann am Port Rìgh. Nam measg bha luchd-teasairginn, luchd-cobhair nam beann agus buill de Chadets an Airm.
Ann an Ionad Coimhearsnachd Phort Rìgh, bhruidhinn a Mòrachd Rìoghail ri seann daoine agus daoine a bhios a’ cleachdadh nan goireasan cùraim. Mus do dh’fhàg i, agus mar chomharradh air an turas aice, dh’fhoillsich a’ Bhànrigh leac cloiche air a bheil ìomhaighean o bheatha an Eilein, ann an Ceàrnag Shomhairle.
Ann an Steòrnabhagh chuir 5,000 duine fàilte air a’ Bhànrigh. Fhuair clann an eilein latha saor gus i fhèin agus an Diùc fhaicinn. Ghabh buidheann bhoireannach òran luaidh dhan Bhànrigh.
|