Diùc Baile Bhòid © Press Association
|
Ann an Alba, ‘s ann mar ‘am Prionnsa Teàrlach, Diùc Baile Bhòid’ as aithnear Prionnsa na Cuimrigh, oighre a’ Chrùin, am mac as sine aig a’ Bhànrigh agus Diùc Dhùn Èideann.
Thug Raibeart III, Righ na h-Alba, tiotal na moraireachd Albannach seo dha a mhac, Dàibhidh, ann an 1398. Dhaingnich achd le Phàrlamaid na h-Alba, ann an 1469, gur e dìreach oighre crùn na h-Alba a gheibheadh an tiotal. A nuas o Aonadh nan Crùn ann an 1603 thàinig an tiotal an cois tiotail eile – Diùc na Còrn – agus on a ghabh a’ Bhànrigh an rìgh-chathair, tha an t-ainm Diùc Baile Bhòid air a bhith air a’ Phrionnsa.
Tha na tiotalan Iarla Charraig agus Baran Rinn Friù cuideachd air Diùc Baile Bhòid. Tha oighre a’ chrùin a’ faighinn tiotalan moraireachd na h Alba seo fo Achd 1469.
‘S e ‘Tighearna nan Eilean’ fear de na tiotalan aige cuideachd. Chaidh an seann tiotal seo, a bh’ air an fheadhainn a bha a’ riaghladh anns na h-Eileanan (fo Rìghrean na h-Alba) a chur ris a’ Chrùn le Seumas V ann an 1540, agus, mar sin, chaidh an tiotal gu na h-oighrean aige.
Tha tiotal eile aige: Prionnsa agus Mòr-stiùbhard na h-Alba. Tha an oifis oighreachail seo – Mòr-stiùbhard (no Àrd-stiùbhard) – a’ dol air ais dhan dàrna linn deug. Dhaingnich an Achd ann an 1469 gum biodh an tiotal seo aig “a’ chiad phrionnsa aig Rìgh na h-Alba gu bràth”.
|