Seudan na h-Alba © Crown copyright: reproduced by permission of Historic Scotland
|
‘S iad Seudan na h-Alba na suaicheantasan Rìoghail as sine ann am Breatainn air fad. Tha trì nithean ann: Crùn, claidheamh agus slat-rìoghail na h-Alba. A rèir beul-aithris ‘s e tiodhlac a bh’ anns an t-slat rìoghail on Phàpa Alasdair VI dha Seumas IV, a’ comharrachadh gun robh am Pàpa a’ cur taic ri Alba. Thàinig Claidheamh na Stàite o Phàpa eile – Iulius II – a thug e mar thiodhlac dha Seumas IV ann an 1507. Tha faisg air 1.4 meatair de dh’fhaid anns a’ chlaidheamh agus tha a cheann (airgead le òradh) air a sgeadachadh le duilleagan daraich agus cnothan-daraich. Tha sgrìobhadh leis a’ Phàpa Iulius air lann a’ chlaidheimh.
Chaidh an Crùn, mar a tha e an-diugh, a dhèanamh dha Seumas V ann an 1540. Bha e air fhèin aig crùnadh a chompanaich, Màiri Guise, a’ bhliadhna sin fhèin ann an eaglais abaid Taigh an Ròid. Tha cearcall a’ Chrùin air a dhèanamh le òr Albannach agus iomadach seud is clach luachmhor.
Chaidh na Seudan a chleachdadh còmhla airson a’ chiad uair ann an 1543 aig crùnadh Màiri, Bànrigh na h-Alba, ‘s i naoi mìosan a dh’aois. Chaidh an cur gu feum a rithist aig crùnadh a mic, Seumas VI (Seumas I mar Rìgh Shasainn) ann an Sruighlea ann an 1567, agus a h-ogha, Teàrlach I, ann an 1633 aig Lùchairt Taigh an Ròid.
Dh’fheuch Oliver Cromwell ri stad a chur air crùnadh Theàrlaich II ann an 1651 aig Sgàin, ach cha deach leis. Lean Cromwell na Seudan gu Caisteal Dunnottar, agus e a’ cur roimhe am milleadh. Thugadh na Seudan air falbh, gu falachaidh, agus chaidh an tiodhlacadh gu 1660 nuair a chaidh Teàrlach II aisig dhan rìgh-chathair.
Cha deach na Seudan a chur gu feum a-riamh an dèidh sin gus monarc a chrùnadh. Suas gu Còrdadh an Aonaidh ann an 1707, bhiodh na Seudan gan toirt dhan Phàrlamaid, nuair a bhiodh na buill nan suidhe, mar shamhla air ùghdarras a’ chrùin. An dèidh an Aonaidh, nuair a bha Pàrlamaid ùr na Rìoghachd Aonaichte a’ coinneachadh ann an Lunnainn, chaidh na Seudan a ghlasadh air falbh ann an ciste ann an Caisteal Dhùn Èideann. Ann an 1818 chaidh a’ chiste fhosgladh. Bha an t ùghdar Walter Scott agus Riaghladair a’ Chaisteil am measg na bha an làthair. Fhuair iad gun robh na Seudan ann fhathast.
Chaidh na Seudan a chur air falach a-rithist ann an 1941 air eagal ‘s gun dèanadh na Gearmailtich briseadh a-steach dhan dùthaich. Chaidh na Seudan a thoirt air falbh on chaisteal aon turas ann an 1953 airson Seirbheis Taingealachd Nàiseanta aig Àrd eaglais St Giles ann an Dùn Èideann. Chaidh an toirt mar thiodhlac don Bhànrigh ùir, a thug air ais iad dhaibhsan a bha gan cumail.
O 1819, tha na Seudan air a bhith air am foillseachadh gu poblach ann an Seòmar a’ Chrùin ann an Caisteal Dhùn Èideann, còmhla ri Seudan nan Stiùbhartach agus Seudan Latharna. O 1996 tha Clach Sgàin (Lia-fàil) air a bhith ann an Caisteal Dhùn Èideann, an dèidh 700 bliadhna ann an Abaid Westminster.
|