Màiri, Bànrigh na h-Alba
(1542-67)

The Royal Collection © 2005, Her Majesty Queen Elizabeth II


‘S e àite-fuirich oifigeil na Bànrighe ann an Alba a th’ ann an Lùchairt Taigh an Ròid ann an Dùn Èideann.

Tha e aig ceann na Mìle Rìoghail agus tha e air a chumail a’ dol mar àite-fuirich Rìoghail. Bidh buill den Teaghlach Rìoghail tric a’ fuireach nuair a bhios gnothach aca ann an Alba.

Air ‘Seachdain Taigh an Ròid’, a bhios a’ dol eadar deireadh an Ògmhios agus toiseach an Iuchair, bidh a’ Bhànrigh a’ siubhail air feadh na h-Alba a choinneachadh dhaoine. Bidh Buileachadh Onairean ann dha muinntir na h-Alba far am bi Onairean gan toirt seachad dha daoine airson an deagh obrach. Bidh pàrtaidh ga chumail ann an gàrradh na Lùchairte, far am bi a’ Bhànrigh agus Diùc Dhùn Èideann a’ cur fàilte air còrr is 8,000 aoigh – daoine on a h-uile dreuchd.

Tha an Lùchairt cuideachd air a cur gu feum aig amannan foirmeil Stàite. Mar eisimpleir, thàinig Ceann-suidhe na Ruis – Vladamir Putin – dhan Lùchairt air an turas Stàite aige, còmhla ri Diùc York ann an 2003.

‘S e àite cudthromach a th’ anns an Lùchairt dha luchd-turais. ‘S urrainn dha daoine sealltainn air na seann seòmraichean agus obraichean ealain, leithid cruinneachadh cudthromach de dh’obair-ghrèis. ‘S e an ‘Gaileiridh Mòr’ an seòmar as motha anns an Lùchairt. Tha 89 dealbhan ann de rìghrean na h-Alba, fìor agus uirsgeulach, o Fhearghas I gu Teàrlach II. Bidh nithean on Chruinneachadh Rìoghail gan sealltainn ann an Gaileiridh na Bànrighe, faisg air an Lùchairt.

‘S e manachainn a bh’ ann an Lùchairt Taigh an Ròid nuair a chaidh a stèidheachadh ann an 1128 le Dàibhidh I. Thathas ag ràdh gum faca an rìgh sealladh anns an do nochd crois no ‘ròid’, a bhuineadh dha a mhàthair, an Naoimh Mairead, eadar cabair daimh-fèidh a bha a’ toirt ionnsaigh air.

Shoirbhich leis an Abaid. Roghnaich rìghrean meadhan-aoiseach na h-Alba fuireach ann an Taigh an Ròid, le pàircean ceithir thimcheall orra, an àite a bhith anns a’ chaisteal ghruamach shuas air a’ chreig.

Ann an 1501 dh’ullaich Seumas IV (1488-1513) àite faisg air an Abaid agus thog e Lùchairt dha fhèin agus a bhean, Mairead Tudor (Piuthar Eanraig VIII). Chuir an ath rìgh, Seumas V (1513-42), Tùr mòr ris an Lùchairt eadar 1528 agus 1532, agus aghaidh-shiar ùr, deas air an Tùr, eadar 1535 agus 1536. Dh’fhàg an obair seo, gu h àraid na h-uinneagan ùra a chaidh a chur a-steach, an Lùchairt gu math na bu choltaiche ri dachaigh.

Chuir an nighean aige, Màiri, Bànrigh na h-Alba (1542-67), seachad a’ mhòr chuid den bheatha riaslach aice anns an Lùchairt. Phòs i dithis de na fir aice anns an Abaid. Chaidh a rùnaire prìobhaideach, Dàibhidh Rizzio, a mhurt anns na seòmraichean prìobhaideach aice. Bha an duine aice, am Morair Darnley, air ceann na buidhne a rinn am murt, is esan a’ smaoineachadh gun robh gnothach-gaoil eadar i fhèin agus Rizzio.

Ri linn Sheumais, mac Màiri, (Seumas VI, Rìgh na h-Alba (1567-1625) agus Seumas I, Rìgh Shasainn (1602-25)) chaidh an Lùchairt bhuaithe. Nuair a thill Seumas a Dhùn Èideann ann an 1617, ge-tà, rinn e obair ùrachaidh air an àite. Chaidh tuilleadh obair a dhèanamh ann an 1633 gus crùnadh mac Sheumais – Teàrlach I (1625-49) – ann an Alba, a chomharrachadh. Nuair a bha an Cogadh Sìobhalta ann bha saighdearan Oliver Cromwell a’ fuireach anns an Lùchairt.

An dèidh aisig an rìgh ann an 1660, chaidh Teàrlach II (1660-85) a chrùnadh ann an Alba. Ged nach do thill e a dh’Alba a-riamh an dèidh sin, thòisich e air Taigh an Ròid a thogail às ùr. Chaidh ballachan-aghaidh, a’ mhòr-chuid dhiubh clasaigeach, a thogail mu thimcheall air ceàrnag.

An dèidh Aonadh nam Pàrlamaid aig toiseach na h-ochdamh linne deug, chaidh cùl a chur ris an Lùchairt seach gun robh daoine air fàs na bu mheasail’ air caistealan na h-Alba. Ann an 1745 thill pearsa rìoghail dhan Lùchairt nuair a chùm Teàrlach Òg Stiùbhart cùirt innte ‘s e a’ feuchainn ris an rìgh-chathair a bhuannachadh dha athair.

Nuair a thàinig Deòrsa IV air turas Stàite a dh’Alba ann an 1833, chaidh leasachaidhean eile a dhèanamh. Thug an rìgh àithne gum bu chòir dha na seòmraichean aig Màiri, Bànrigh na h-Alba, a bhith ‘air an tasgadh, gun atharrachadh sam bith.’

Thill an cleachdadh a bhith a’ fuireach ann Taigh an Ròid nuair a thòisich a’ Bhànrigh Victoria a’ dol ann agus, aon uair eile, ‘s e prìomh àite-fuirich Rìoghail na h-Alba a bh’ ann.

 



Lùchairt Taigh an Ròid
more >

CEANGLAICHEAN
Lùchairt Taigh an Ròid
Diùc Baile Bhòid
Pàrlamaid na h-Alba